Flora MacNeil 4om5g

    Flora MacNeil
    Página inicial > F > Flora MacNeil > Mo Bhean Chomain

    Mo Bhean Chomain 363kt

    Flora MacNeil 4om5g


    Gur tu mo bhean chomain
    A chagair 's a ghaoil
    Bha dualchas ud againn
    Bhith gu h-amaideach faoin
    Cha b'fhada leam seachdain
    A bhith 'n taice ri m' ghaol
    'S mi nach iarradh de leaba
    A bhith againn ach fraoch

    Fìor thoiseach an t-samhraidh
    Ghabh mi geall ort is miagh
    B'fheàrr dhòmh-sa san àm sin
    Nach do theann mi ris riamh
    Aig a' mheud 's thug mi ghaol dhut
    Gun do chaochail mo nial
    'S b'fheàrr a-nochd bhith riut sìnte
    Na mìle bò chiar

    'S ann am bràigh innis ruairidh
    Tha mo luaidh de na mnàth
    Te na gorm shùilean meallach
    'S a' bhroillich ghil bhàin
    Cheart cho cìnnteach 's tha'm bradan
    Air an aigeal a'tàmh
    Thug mi'n gaol cha ghaol brèige
    Dhan euchdaig ghil bhàin

    Cha tug thu dhomh reusan
    Air cuir sìos air do chliù
    Ged a bhithinn ga iarraidh
    O' do bhialamh gu'd chùl
    Bha thu sìobhalta riamh rium
    'S bha do bhriathran rium ciùin
    'S bidh mo chridh' ann an tòir ort
    Ged bhiodh tu pòsda ri triùir

    Tha mi nisd a' dol dhachaigh
    'S tha mo leannan nam dhèidh
    'S mi gun aithnicheadh mo chruinneag
    Ann an cruinneachadh ceud
    Beul meachair ni mànran
    Cùl fàinneach donn rèidh
    Mala chaol mar an ite
    Thig o sgiath an eòin lèith

    Encontrou algum erro? Envie uma correção > 275l3y

    Compartilhe
    esta música

    Ouça estações relacionadas a Flora MacNeil no Vagalume.FM

    Mais tocadas de Flora MacNeil 4h3d25

    ESTAÇÕES b3l2c